Teicneolas ùr ga fheuchainn air Ghàidhealtachd

Carbad-eiridinn Image copyright Other
Image caption Faodaidh luchd-paramedic sganaichean agus bhideothan a chur gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Tha dealbhan de leòntan euslainteach gan cur gu Ospadal an Ràthaig Mhòir à carbadan-eiridinn mar phàirt de sgeama-dearbhaidh ùr.

Tha an teicneòlas a' leigeil le dotairean measadh a dhèanamh air staid nan euslainteach mus ruig iad an t-ospadal.

Tha cuibhreann den mhaoineachadh airson a' phròiseict, air a bheil SatCare, a' tighinn bho Bhuidhinn Fànais na h-Eòrpa.

Chaidh an teicneòlas a chur an sàs ann an còig carbadan-eiridinn air a' Ghàidhealtachd, às dèidh mar a chaidh fheuchainn roimhe air luchd saor-thoileach fallain.

Thathas a-nis ga chleachdadh airson a' chiad turais ann an suidheachaidhean èiginneach.

Tha dùil gum faodadh e a bhith air leth feumail ann an suidheachadh far am bi euslainteach a' fàs meadhanach fada air falbh bhon ospadal.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile