Cumhachdan Oighreachd a' Chrùin gan sgaoileadh a-mach?

Tràigh

Thuirt Oighreachd a' Chrùin ann an Alba gun cuir iad sgeama air bhonn airson a dhèanamh nas fhasa do dh'ùghdarrasan ionadail, buidhnean leasachaidh agus buidhnean eile smachd a ghabhail air fearann agus goireasan eile.

Bidh an sgeama a' coimhead ri diofar mhodalan feuch dè as motha a bheir buaidh dhan choimhearsnachd a thaobh ionmhais, na h-àrainneachd agus gnothaichean sòisealta.

Aig a' cheann-thall bidh cothrom aig buidhnean tagradh a dhèanamh airson na goireasan a ghabhail os làimh iad fhèin, le measadh teann ga dhèanamh air cho soirbheachail 's a tha iad sin air a bhith.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile