Ionad SEALL ga fhosgladh gu h-oifigeil

  • Air fhoillseachadh
Fosgladh oifigeil Seall
Fo-thiotal an deilbh,
Ghluais SEALL gu àite nas motha 's barrachd luchd-obrach aca a-nis

Chaidh hub cultair agus ealain cheann a deas an Eilein Sgitheanaich, SEALL, fhosgladh gu h-oifigeil le Rùnaire a' Chultair, Fiona Hyslop 's i air turas dhan Eilean Sgitheanach Dihaoine.

Tha a' bhuidheann a' cur air dòigh tachartasan cultarail - ceòl, dannsa 's eile - tron bhliadhna, a thuileadh air Fèis an Eilein.

Tha iad air a bhith stèidhichte air làrach an t-Sabhail Mhòir bho chionn grunn bhliadhnaichean, ach ghluais iad chun t-seann leabharlann an t-seachdain a chaidh 's àite nas motha a dhìth orra a-nis.

Chaidh moladh a dhèanamh air obair na buidhne le Rùnaire a' Chultair.

Thuirt Ms Hyslop gu bheil SEALL na eisimpleir do choimhearsnachdan dùthchail eile.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh