Aithris Fuaime: Eadar-theangachadh a' Bhìobaill
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Aithris Fuaime: Eadar-theangachadh a' Bhìobaill

6 An t-Samhain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bha tachartas sònraichte ann an Gart a' Chàirn, aig ceann a deas Loch Laomainn, air an deireadh-sheachdain a' comharrachadh 250 bliadhna bho chaidh am Bìoball eadar-theangachadh gu Gàidhlig le ministearan na sgìre.

Tha Co-roinn Coimhearsnachd Loch Laomainn, ann an co-bhanntachd le Pàirce Nàiseanta Loch Laomainn is nan Tròisichean, air fiolm a dhèanamh mun chùis mar ghoireas airson an ceangal a th' aig an sgìre ris a' Ghàidhlig a theagasg do dhaoine.

Bhruidhinn Seonaidh MacCoinnich ris an Oll. Dòmhnall Meek, a chuidich leis an fiolm.