Gearainean mu raon-goilf ùr an Cataibh

Coul Links Image copyright Alison Searl/RSPB Scotland

Tha buidhnean glèiteachais air cur an aghaidh plana airson raon-goilf aig àrd-ìre a thogail air a' Ghàidhealtachd.

Tha iad ag ràdh gun dèanadh an leasachadh aig a' Chùil ann an Cataibh cron air talamh machrach prìseil.

Tha an t-Aimeireaganach Mike Keiser airson leasachadh mòr goilf a chur air adhart aig a' Chùil, eadar Eurabol agus Loch Fleòid.

Bhiodh raon-goilf ann le 18 tuill, àite-deasachaidh agus taigh-cluba.

Tha cuid den bheachd gun dèanadh an leasachadh feum mòr dha eaconamaidh na sgìre.

Inbhe shònraichte

Ach tha sia buidhnean glèiteachais, an RSPB agus Urras Fiadh-bheatha na h-Alba nam measg, a-nise air cur an aghaidh nam planaichean.

Tha inbhe SPA air an sgìre seo agus tha i air a h-aithneachadh gu h-eadar-nàiseanta a thaobh talamh machrach a bhios uaireannan fo uisge.

Tha na buidhnean glèiteachais a' cumail a-mach gum biodh àrainneachd a tha glè shònraichte, tè den fheadhainn mu dheireadh den t-seòrsa seo ann an Alba, air a sgrios.

Às dèidh na connspaid a bh' ann mun raon ghoilf aig Dòmhnall Trump ann an Siorrachd Obar Dheathain, tha iad ag ràdh gu bheil cunnart gu bheil cliù na h-Alba a thaobh glèiteachais a' fulang.

Thuirt an luchd-leasachaidh gun dèanadh na planaichean aca feum dhan àrainneachd agus nach bu chòir a bhith a' dèanamh coimeas eadar seo agus leasachaidhean eile nach eil ceangailte riutha-san.