Planaichean 'son ionad-sgithidh a cheannachd

An Càrn Gorm Image copyright Cairngorm Mountain

Tha plana airson Ionad-sgithidh a' Chàirn Ghuirm a chur ann an làmhan na coimhearsnachd a' gluasad air adhart.

Bidh là fosgailte Dimàirt aig Urras Coimhearsnachd na h-Aghaidh Mòire agus a' Ghlinne Mhòir, a tha an dòchas an t-ionad a cheannachd.

'S ann le Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean a tha an talamh ach tha a' chompanaidh Natural Retreats ga ruith dhaibh.

Thàinig am beachd an toiseach bho bhuidhinn ghnothachais san Aghaidh Mhòir a bha mì-thoilichte leis an dòigh anns a bheil Natural Retreats a' ruith an raon-sgithidh.

Thar nam mìosan mu dheireadh tha iad air a bhith a' reic seann shuidheachan a bha uair a' toirt luchd-sgithidh gu mullach Coire na Ciste.

Tha iad cuideachd am beachd leathad-sgithidh fuadan a thogail aig an stèisean aig a' bhonn.

Leasachadh

Chaidh an t-urras ùr a stèidheachadh airson taic a thrusadh sa choimhearsnachd mus deadh iarrtas a-steach airson an talamh a cheannachd.

'S e amas an urrais, tha iad ag ràdh, an raon-sgithidh a dhèanamh seasmhach fad na bliadhna agus na goireasan a leasachadh.

Bheir HIE taic dhan urras ann a bhith a' cuideachadh leis an tagradh.

'S iadsan a nì co-dhùnadh air a' cheann thall am biodh e na b' fheàrr nan deadh an raon a chur fo smachd na coimhearsnachd, no cùisean fhàgail mar a tha iad.

Tha aonta aig Natural Retreats an raon a ruith gu 2039 agus dh'fheumadh an t-urras cumail ris an aonta a tha sin, gu laghail, nan ceannaicheadh iad an raon.