Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An t-Samhain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Coirea a Tuath

Dh'iarr an Ceann-Suidhe Trump air a h-uile dùthaich sgur a mhalairt ri Coirea a Tuath mar dhòigh air stad a chur air prògram leasachaidh niuclasach na dùthcha sin. Thuirt Mgr Trump air a thuras a Choirea a Deas, gu bheil e mì-choltach gu bheil dùthchannan eile a' toirt taic do dhùthaich a tha na cunnart dhan chòrr den t-saoghal. Tha briathran Mhgr Trump a' dol nas fhaide na casg-bhannan a th' ann an-dràsta nach eil a' cur stad uile gu lèir air malairt ri Coirea a Tuath.

Boris Johnson

Dh'iarr duine tè a bhuineas do Bhreatainn agus Ioran a th' anns a' phrìosan ann an Tehran, air Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Boris Johnson, a bhriathran mu a deidhinn a tharraing air ais anns a' Phàrlamaid. Leig Mgr Johnson fhaicinn gun robh esan den bheachd gun robh Nazanin Ratcliffe a' trèanadh luchd-naidheachd nuair a chaidh a cur an grèim ann an Tehran an-uiridh. Tha Richard Ratcliffe ag ràdh nach robh a bhean ach a' tadhal air càirdean, agus gu bheil dragh air gu bheil Riaghaltas Ioran a' cleachdadh bhriathran Mhgr Johnson mar leisgeul airson a cumail anns a' phrìosan.

Ditidhean Fhireannach Gèidh

Bidh Prìomh Mhinistear na h-Alba a' tabhainn leisgeul gu foirmeil an-diugh air daoine gèidh a chaidh a dhiteadh an Alba airson feise nach eil mì-laghail tuilleadh. Nì Nicola Sturgeon seo mar chomharra air lagh ùr a tha a' toirt maitheanais do dhaoine gèidh a chaidh fhaighinn ciontach fon t-seann lagh, agus a dhubhas às clàradh eucorra nan aghaidh.

Annan

Tha poilis a' rannsachadh teine aig taigh ann an Annan ann an Dùn Phris tràth sa mhadainn an-dè, agus iad ag ràdh gun deach teine a chur ris an togalach a dh'aona-ghnothaich. Thàinig air teaghlach de shianar, triùir chloinne òga nam measg, teicheadh às an taigh.

Margaidh Taigheadais

Thàinig adhartas air margaidh an taigheadais anns na h-Eileanan an Iar air a' bhliadhna gu leth mu dheireadh, a rèir nan companaidhean reic ionadail. Ged nach tàinig seo fhathast gu prìsean nas motha tha dùil gur e sin an ath-cheum. Agus tha e coltach gu bheil nas lugha thaighean ùra gan togail, agus barrachd dhaoine air Tìr-Mòr a' dol a dh'fhuireach anns na h-Eileanan a' piobrachadh na margaidh.

Raon-Goilf

Tha sia buidhnean glèidhteachais còmhla a' cur an aghaidh plana airson raoin-ghoilf ùir ann an Cataibh. Tha Comann Dìon an Eunlaith, agus Urras Fiadh-Bheatha na h-Alba am measg na tha ag ràdh gun dèanadh cùrsa anns a' Chùil ann an Cataibh cron air machaire phrìseil. Tha iad a' togail cuideachd air a' chonnspaid a rinn raon-goilf Dhòmhnaill Thrump ann an Siorrachd Obar Dheathain, agus gu bheil cunnart gu bheil cliù na h-Alba airson glèidhteachais a' fulang. Tha luchd-leasachaidh ag ràdh gun dèanadh an raon-goilf feum dhan àrainneachd, agus nach bu chòir coimeas a dhèanamh ri leasachaidhean eile ris nach eil gnothach acasan.