Athchuinge an aghaidh leasachadh taigheadais

An Dùn Beag

Tha còrr 's ceud ainm air athchuinge an aghaidh leasachadh taigheadais anns an Dùn Bheag faisg air an Òban.

Tha dragh air daoine nach gabh rathaidean a' bhaile ris an trafaig a bhiodh an cois 300 cheud taigh eile.

Mu chòig bliadhna air ais bha nas lugha na 300 taigh san Dùn Bheag agus tha plana ann mu 600 taigh ùr a togail sa sgìre uile gu lèir.

Tha mu 80 taigh an àirde mar-tha agus thòisich am pròiseas dealbhachaidh airson 300 taigh.

Chan eil daoine a' cur an aghaidh taighean ùra a bhith a' dol suas ach tha beachd ann nach eil am bunstructar freagarrach airson na bhios ann de dhaoine.

Tha beachd ann gu bheil an sgoil làn mur tha.

Rathaidean

Se na rathaidean an rud as motha a tha a' cur dragh air daoine, ge-ta.

Tha planaichean ann Rathad na h-Eaglaise, an rathad a tha a' dol sìos gu na taighean ùra agus gu Ionad Saidheans Mara na h-Alba agus Caisteal Dhùn Staidhinis, a leudachadh agus sin a thòiseachadh san Fhaoilleach.

Ach 's ann far a bheil an aon rathad a-mach as a' bhaile a' ceangal ris an A85 a tha an duilgheasdas as motha.

Bidh sreath chàraichean a' feitheamh ann an sin a h-uile madainn agus tha dragh ann gum faodadh e a bhith cunnartach aig amanan.

Tha corr agus 100 duine air an ainm a chur ri ath-chuinge a thòisich Comhairle Choimhearsnachd an Dùin Bhig bho chionn seachdainn.

Thuirt Còmhdhail Alba gu robh iad mothachail dha na draghan a chaidh a thogail agus gu robh iad a' dèanamh sgrùdaidh air sàbhailteachd an A85.

Astar

Bha ath-huinge eile a' dol a' feuchainn ris an astar a tha ceadaichte do dhraibhearan a lùghdachadh bhon 60msu a th' ann an-dràsta.

Tha streath thubaistean air a bhith air a' phìos sin dhen rathad.

An t-seachdainn a chaidh thàinig air na poilis an rathad a dhùnadh fad dà uair a thìde.

Thuirt Còmhdhail Alba gu robh na rathaidean air gach taobh dhan A85 an urra ri Comhairle Earra Ghaidheal is Bhòid.

Tha ball pàrlamaid Albannach na sgìre, Mìcheal Ruiseal ag ràdh gu bheil esan air a' chùis a thogail le Còmhdhail Alba, Ministear na Còmhdhail agus leis a' chomhairle, 's e ag ràdh riudha gum feum piseach a thighinn air an t-suidheachadh.

Thuirt comhairliche Cheann a Tuath an Òbain agus Lathairne, an Comh. Kieron Green nach do rinn Còmhdhail Alba gearan mun rathad a-mach sa steach dhan bhaile leis gu robh iad riaraichte gu leòr leis na planaichean.

Ann am brath thuirt a' bhuidheann Link, a bhios a' togail nan taighean ùra, nach tèid an leasachadh air Rathad na h-Eaglaise air adhart idir san Fhaoilleach mur am faigh iad cead airson an 300 taigh ùr.

A thuilleadh air a bhith a' leasachadh an rathaid tha iad cuideachd a' gealltainn raon-cluich a thogail ma gheibh iad cead-dealbhachaidh.