Coltas gun tig na Geamanan Eileanach a dh'Alba
- Published
Tha coltas gu bheil na Geamanan Eileanach a' tighinn a dh'Alba.
'S e Arcaibh an aon àite a tha air tagradh a chuir air adhart airson an cumail ann an 2023.
Thathar an dòchas na mìltean de luchd-spòrs agus luchd-turais thàladh a dh' Arcaibh ach tha e coltach gur e leapannan fhaighinn dhaibh uile aon de na cnapan starra as motha a tha gu bhith aca.
Thuirt Cathraiche Sgioba nan Eilean Siar, Norrie Dòmhnallach, gu robh iad a' cur an làn thaic ri tagradh Arcaibh.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil an tagradh aca gu math làidir, agus bidh sinn an dòchas gum faigh iad e," thuirt e.