Ainm air a thaghadh 'son drochaid ùire

Drochaid Muileann an Tuilm 's i ga togail. Image copyright Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Drochaid Muileann an Tuilm 's i ga togail.

'S e Drochaid Muileann an Tuilm an t-ainm a chaidh a thaghadh airson na drochaid ùire thar Abhainn Nis, ann an Inbhir Nis.

Dh'fhoillsich Comhairle na Gàidhealtachd geàrr-liosta bho chionn ghoirid de dh'ochd ainmean airson na drochaid.

Chumar bhòt air làrach-lìn na Comhairle.

Tha an drochaid ùr mar phàirt de Cheangal-Rathad ùr an Iar sa bhaile.

Bha Comhairle na Gàidhealtachd airson cothrom a thoirt dhan phoball ainm a thaghadh air a son.

Bho chionn mìos dh'fhoillsich an t-ùghdarras geàrr-liosta de dh'ochd ainmean air-loidhne.

Am measg nam molaidhean, bha Drochaid Phàircean a' Chanàil, an Drochaid Chailleannach, Drochaid a' Ghlinne Mhòir, agus Drochaid Muileann an Tuilm, a fhuair na bhòtaichean as motha air a' cheann thall.

Bhòt 40,320 duine airson an ainm sin, le 105,446 duine a bhòtadh uile gu lèir.

Nuair a bhios an rathad agus Drochaid Muileann an Tuilm deiseil thèid rathaidean mòra an A9, an A96 agus an A82 a cheangal ri chèile.

Tha dùil gun tèid fhosgladh air an ath-mhìos.