Stiùiriche ChalMac a' fàgail a dhreuchd

Màrtainn Dorchester Image copyright CalMac

Tha stiùiriche Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn a' fàgail na companaidh airson a bhith na àrd-oifigear aig buidhinn chathrannais Albannaich.

Dh'innis Màrtainn Dorchester san Damhair an-uiridh gun robh e a' fàgail ChalMac, mus do cho-dhùin e an uairsin fuireach às dèidh a' Mhàirt am-bliadhna, an ceann-là a bha e air a chur roimhe fhèin 'son fàgail.

Thuirt e an uairsin gun do dh'atharraich e a bheachd às dèidh do Riaghaltas na h-Alba innse gun robh iad a' dol a dhèanamh sgrùdaidh air seirbheisean aiseig na h-Alba.

Thuirt CalMac gun robh Mgr Dorchester a-nis a' fàgail airson a dhol na àrd-oifigear aig Includem, a bhios a' toirt taic do dh'òigridh so-leònta.