Seachdain na Gàidhlig ann an Dùn Èideann

Caisteal Dhùn Èideann Image copyright Dave Pickersgill/Geograph
Image caption Tha mu 3,000 duine a bhruidhneas a' Ghàidhlig ann an Dùn Èideann.

'S e coimhearsnachdan Gàidhlig a ghlèidheadh agus a chruthachadh fear de na dùbhlain as motha a tha mu choinneimh a' chànain.

Ach 's e sin amas Seachdain na Gàidhlig ann an Dùn Èideann - sreath thachartasan gus cothrom a thoirt do dhaoine bruidhinn, ionnsachadh agus craic fhaighinn - a bharrachd air a bhith a' taisbeanadh na Gàidhlig dhan mhòr-shluagh.

"'S e cothrom a th' ann airson a h-uile duine aig a bheil ùidh anns a' Ghàidhlig sa bhaile pàirt a ghabhail, tighinn còmhla, agus tha sinn a' feuchainn ris a' chothrom sin a thoirt do dhaoine," thuirt Bria Mason, ofigear Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann, a tha os cionn an tachartais.

"Agus tha sinn cuideachd a' feuchainn ri aire a thogail mun Ghàidhlig ann an Dùn Èideann.

"Tha gu leòr ann a chanas 'oh, cha robh duine riamh a' bruidhinn Gàidhlig ann an Dùn Èideann' no 'chan eil Gàidhlig ri fhaighinn ann an Dùn Èideann'.

"Tha fios againn uile nach eil sin idir fìor, agus mar sin tha sinn a' feuchainn ri ìomhaigh na Gàidhlig a thogail sa bhaile.

"A' chiad bhliadhna rinn mi fhìn e aig Oilthigh Dhùn Èideann. Cha robh ach còig tachartasan ann tron t-seachdain. Cha do nochd mòran dhaoine.

"Agus bliadhna às dèidh bliadhna tha e air fàs beagan, agus rinn mi co-dhùnadh a tha mi a' smaointinn a bha fìor mhath o chionn beagan bhliadhnaichean, agus chuir sinn romhainn nach e fèis Oilthigh Dhùn Èideann a bhiodh ann, ach fèis choimhearsnachd Dhùn Èideann.

"Agus a-niste, ged a tha mi fhathast nam chathraiche air a' chomataidh, tha daoine air a' chomataidh bhon choimhearsnachd fhèin, gu saor-thoileach, gus tha mi ga ruith le cuideachadh," thuirt i.

Mar thoradh air an obair, chaidh an fhèis a chur air adhart airson Tachartas Gàidhlig na Bliadhna aig na Duaisean Gàidhlig air a' mhìos seo.

Tha còrr is 3,000 duine a' bruidhinn na Gàidhlig ann an Dùn Èideann.

"Chanainn fhìn gu bheil i falain gu leòr gu ìre," thuirt Bria.

"Tha barrachd an-còmhnaidh a' dol dhan sgoil, agus tha gu leòr thachartasan a' dol againn an seo.

"Ach tha trioblaidean againn tha mi a' smaointinn, a bhith ceangailte ri chèile.

"Tha iomairtean ann - tha Iomairt Ghàidhlig Dhùn Èideann ann, le Comann na Gàidhlig, agus tha mise ann aig an Oilthigh, agus tha oifigearan Gàidhlig ann.

"Ach chan eil sinn an-còmhnaidh cho math ann an Dùn Èideann a bhith a' tighinn còmhla.

"Agus mar sin bha sinn a' feuchainn le Seachdain na Gàidhlig airson cur ri sin, airson àite eile a thoirt do dhaoine airson tighinn còmhla.

"Mar phàirt den fhèis, bidh sinn a' cur thachartasan sònraichte air dòigh air a son, ach cuideachd bha sinn ag amas air ìomhaigh a thogail agus aire dhaoine a thogail air na tachartasan a tha a' dol gu cunbhalach sa bhaile," thuirt i.