Slighe dhraibhidh ùr an Earra Thuath

Banbh
Image caption Tha Banbh am measg nan sgìrean air an t-slighe thurasachd ùr.

Tha dòchas ann gum brosnaich slighe dhraibhidh ùr turasachd ann an earra thuath na h-Alba anns an aon dòigh 's a bheil slighe a' chinn a tuath, an NC500, air cuir ri eaconamaidh na sgìre sin.

Chaidh an Earra Thuath 250 fhoillseachadh aig co-labhairt turasachd ann an Eilginn Diciadain.

Tha an t-slighe a' dol tro sgìrean de Srath Spè agus Moireibh agus a' leantainn oirthir Bhanbh agus Bhùchainn.

Bhon a' Bhruaich tha i a dol sios a' chost an ear gu Obar Dheadhain agus an uairsin a' dol tro Srath Dhè gu Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.

Chaidh an t-slighe a dhealbhachadh le fear-gnothaich à Moireibh, Gus Mac a' Phearsain-Grannd, airson barrachd dhaoine a thàladh dhan earra thuath.

Tha e an dòchas gum bi buannachdan eaconamach ann do choimhearsnachdan air an t-slighe.

"Bu chòir duinn tòiseachadh aig ìre gu math beag. Chan eil ann ach fealla-dhà.

"Se turas rathaid a th'ann. Bu chòir dha a bhith mar fòcas do dhaoine a tha a' tadhal air an sgìre," thuirt e.

Image copyright An Earra Thuath 250

Thainig a' bheachd airson an Earra Thuath 250 bho shoirbheas an NC500 ann an ceann a tuath na Gàidhealtachd.

Gu dearbh, tha na h-uidhir a ghearainnean ann gu bheil an t-slighe sin air a bhith ro shoirbheachail, le cus charabadan air rathaidean cumhang agus gnìomhachasan agus coimhearsnachdan beaga a' cur thairis le luchd-turais.

Thuirt VisitScotland nach eil iad a' smaoineachadh gu bheil seo gu bhith na thriobaid air slighe an earra thuath seach gu bheil na rathaidean nas fheàrr agus nach eil an sgìre gu traidiseanta a' taladh uidhir de luchd-turais sa tha iar thuath na Gàidhealtachd.