Cobhair air bàt'-iasgaich

Bha criutha bhàta-teasairginn Inbhir Theòrsa aig muir fad còrr air naoi uairean de thìde Diardaoin 's bàt'-iasgaich ann an èiginn an iar air Sgrabasdal.

Chuir criutha an "Sparkling Line" brath-èiginn a-mach mu 12:00f, 's trioblaid ann le propeilear a' bhàta.

Bha sianar iasgairean air bòrd.

A' strì ri sualaichean mòra, chaidh aig sgioba a' bhàta-teasairginn air ceangal a dhèanamh ris a' bhàta ach bhris sin grunn thursan fhad 's a bhathar ga slaodadh air ais gu port.

Ràinig iad cidhe Sgrabasdail ro 10:00f Diardaoin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile