Deugaire eileanach "na saoranach Breatannach"

Chaidh dearbhadh gu bheil deugaire às na h-Eileanan Siar dhan deach cead-siubhail a dhiùltadh na saoranach Breatannach.

Chaidh tagradh na h-ighne, a tha 14, airson cead-siubhail a dhiùltadh seach nach robh leth-bhreac aice de theisteanas-breith a màthar.

Rugadh an nighean anns na h-Eileanan Siar, ach chan fhaca i a màthair bho 2005, agus bhàsaich a h-athair ann an 2015.

Thog Ball-Parlamaid nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, a' chùis ann an Westminster air a' mhìos a dh'fhalbh.

Thuirt i gun do gheall ministear na h-inimreachd, Brendan Lewis, dha gun robh e fhèin a' coimhead ris a' chùis, agus gun do chùm e ri fhacal.