Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An t-Samhain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Phil Gormley

Dhearbh Ùghdarras Poileas na h-Alba gu bheil iad a' rannsachadh gearain eile mun Àrd-Chonstabal, Phil Gormley. Sin an còigeamh gearain na aghaidh-san. Tha trì dhiubh aig coimisean ath-sgrùdaidh neo-eisimeileach, agus tha an ceathramh gearain fhathast aig na Poilis fhèin. Tha Mgr Gormley far obair air rud ris an canar fòrladh sònraichte, agus thuirt Ùghdarras nam Poilis gu bheil iad a' cumail sùil air an t-suidheachadh sin.

Brexit

Thuirt Theresa May gun cuir i an dearbh là agus mionaid air am fàg Breatainn an t-Aonadh Eòrpach anns an lagh, agus nach fhulaing i oidhirp sam bith air stad a chur oirre. Thèid 11:00f air an 29mh là den Mhàrt 2019, a chur ri Bile Bhrexit. Ach tha am Morair Kerr, a dhealbh Artaigil 50 - an innleachd airson falbh às an EU - ag ràdh gun gabh stad cur air Brexit aig ìre sam bith anns a' phròiseas.

'S thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, a-rithist, gu bheil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' cleith fiosrachaidh mu Bhrexit air na sgìrean aig a bheil fèin-riaghladh. Tha an t-siathamh cuairt de chòmhraidhean Bhrexit a' tighinn gu ceann anns a' Bhruiseil an-diugh.

Poileas Alba

Chaidh Poileas Alba às àicheadh gu bheil iad a' call eòlais ionadail le bhith a' tarraing ghoireasan agus sheirbheisean còmhla, an dèidh dha na Tòraidhean innse do Phàrlamaid na h-Alba an-dè gun robh còrr is 200 mearachd ann an-uiridh a' làimhseachadh fios on mhòr-shluagh. Dùinidh seòmar-stiùiridh Inbhir Nis anns an fhaoilleach, agus bidh ionad ann an Dùn Dè a' dèiligeadh an uair sin ri fios far Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

Èigneachadh

Chuir an Àrd-Chùirt ann an Glaschu binn naoi bliadhna sa phrìosan air fear à Romàinia a dh'èignich nighean, 14 bliadhna de dh'aois, ann am Barrhead, faisg air Glaschu. Thug Samuel Ciornei, a tha 20 bliadhna de dh'aois, ionnsaigh air an nighean taobh a-muigh bùtha anns an Lùnastal an-uiridh, dìreach trì seachdainnean an dèidh dha tighinn a dh'Alba.

CalMac

Tha fear-gnothaich Uibhisteach a' fàgail air Caledonian Mac a' Bhriuthainn nach eil iad a' toirt feairt air a' choimhearsnachd nuair a tha iad ag atharrachadh clàr-ama. Tha Tormod MacAsgaill ag ràdh gun do thaghadh CalMac an t-seachdain as miosa den bhliadhna, an ath-sheachdain, airson cidhe Loch nam Madadh a dhùnadh fhad 's a tha ullachadh ann airson a' bhàt-aiseig ùir ris a bheil dùil an ath-bhliadhna. Chaidh CalMac às àicheadh sin.