Èiginn air plèana a dh'Inbhir Nis

Plèana Flybe Image copyright Geoff Coyles
Image caption Bha am plèana a' dèanamh air Inbhir Nis nuair a dh'èirich trioblaid leis

Fhuair plèana bha a' sgèith eadar Beul Feirste agus Inbhir Nis air laighe gu sàbhailte ann am Beul Feirste às aonais nan cuibhlichean toisich aige.

Bha 52 neach-siubhail agus ceathrar de chriutha air bòrd na seirbheis BE331 aig Flybe, ris an robh dùil ann an Inbhir Nis aig 12:10f.

Bha am plèana anns an adhar far còrr air uair de thìde airson cuid den chonnadh a bh'air bòrd a losgadh mus do laigh e aig Port-adhair Eadar-nàiseanta Bheul Feirste mu 1:20f.

Ged a bha carbadan-smàlaidh a' feitheamh ris aig a' phort-adhair, chaidh aig a' phlèana air laighe gu sàbhailte.

Chan eil dùil gun deach duine den na bh' air bòrd a dhroch ghoirteachadh.

Bidh Buidheann Rannsachaidh nan Tubaistean-adhair (an AAIB) a' rannsachadh na thachair.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile