Ceann-là ùr do dh'Fhèis Bheanntan na Hearadh

Beanntan na Hearadh

Bidh Fèis Bheanntan na Hearadh ann nas tràithe air a' bhliadhna bho seo a-mach.

Chaidh an fhèis a stèidheachadh ann an 2011 gus na cothroman a th' ann 'son cur-seachdadan air a' bhlàr a-muigh anns na Hearadh a thaisbeanadh.

Cho-dhùin Urras Cheann a Tuath na Hearadh, a tha ga ruith, an fhèis a chumail san t-Sultain gus barrachd luchd-tadhail a thàladh dhan eilean, agus seusan an eilein a leudachadh.

Ged a tha an fhèis air soirbheachadh gu math, tha an t-urras air dearbhadh gum bi i san Lùnastal bho 2018 a-mach.

Tha iad an dùil is an dòchas gun dèan seo feum ann an iomadh dòigh.

"Tha duilgheadas air a bhith againn gu h-àraid anns an dà bhliadhna mu dheireadh leis an aimsir", thuirt Cathraiche Urras Cheann a Tuath na Hearadh, Calum MacAoidh.

Atharrachaidhean

"Thàinig oirrn grunn rudan a chur dheth am-bliadhna air sgàth droch shìde.

"Bha sinn a' smaoineachadh ma thèid an t-àm a bhios sinn a' cumail na fèise a ghluasad air ais cola-deug, gur dòcha gum bi an aimsir nas fàbharaiche.

"Cuideachd, tha sinne an dùil a cumail mus tèid na sgoilearan air ais dhan sgoil agus mar sin, 's dòcha gum bi e comasach do bharrachd òigridh pàirt a ghabhail.

"Bha sinn a' feuchainn thar nam bliadhnaichean ri daoine a tharraing dhan eilean chun na fèise, ach tha sinn cuideachd mothachail air gum bi daoine anns an eilean co-dhiù, is gum bi iad ag iarraidh rudan a nì iad.

"'S dòcha gum faigh sinn barrachd dhaoine a' gabhail pàirt le a dèanamh beagan nas tràithe fhad 's a tha barrachd dhaoine an làthair san eilean", thuirt e.

Thuirt Mgr MacAoidh nach eil dùil aca gum bi iad a' farpais an aghaidh thachartasan eile aig an àm ùr.

Bidh Fèis Bheanntan na Hearadh 2018 ann eadar an 13mh is an 8mh den Lùnastal.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile