"6 geamaichean nan targaid" - MacAsgaill

Camanachd Leòdhas Image copyright Dylan Mac a' Phì

Thuirt manaidsear ùr Camanachd Leòdhais gu bheil e a' coimhead gu sònraichte ri 6 geamaichean lìge an ath-sheusan anns an urrainn dhan sgioba puingean a thogail.

Tha Iain MacAsgaill aig an stiùir a-nise is Donnchadh Mac an t-Saoir air dreuchd a' mhanaidseir fhàgail.

Bha Mgr MacAsgaill, a bha uair a' cluich do Chill Mhàillidh, na leas-mhanaidsear air na Leòdhasaich an-uiridh.

B' e seusan glè dhoirbh a bha sin dha na Leòdhasaich is tha am manaidsear ag amas air adhartas ann an 2018.

Dh'innis e gum bi e a' coimhead gu sònraichte ris na geamaichean an aghaidh sgiobaidhean a tha timcheall air na Leòdhasaich san lìog.

"Tha 6 geamaicheann gu h-àraidh a bhios nan targaid dhuinn, geamaichean as urrainn dhuinn buannachadh", thuirt Iain MacAsgaill.

"'S docha nach buannaicheadh sinn a h-uile gin dhuibh, ach feadhainn dhuibh.

"Tha sgiobaidhean san lìog, ceann àrd na lìge, is tha e fìor dhoirbh dhuinn ceann a' mhaide a chumail riutha oir tha cluicheadairean aca a tha dìreach air ceum air ais a ghabhail bho na ciad sgiobaidhean aca.

"Tha sin gu bhith doirbh dhuinn, ach na sgiobaidhean timcheall oirnn faisg air bonn na lìge - 's e seòrsa de lìog bheag fa leth a tha sin nam bheachdsa - agus tha co-dhiù 6 geamaichean an sin as urrainn dhuinn buannachadh", thuirt e.

Dh'innis Mgr MacAsgaill gu bheil e moiteil gu bheil na Leòdhasaich an còmhnaidh a' cluich nan geamaichean air fad aca, is gu bheil e airson sin a chumail a' dol.

Dh'iarr e gum bi a h-uile duine san sguad aige cho fut is a ghabhas, is gheall e cothroman a chumail ris an òigridh.

Thuirt e gum bu chòir dhan chluba a bhith ag amas air adhartas a bharrachd anns na bliadhnaichean ri tighinn, is e ag ràdh nach eil adhbhar sam bith ann nach bi na Leòdhasaich shuas am measg nam prìomh sgiobaidhean san lìog aca an ceann beagan bhliadhnaichean.

Bidh Anndra MacAsgaill ag obair còmhla ris na leas-mhanaidsear air an Leòdhasaich ann an 2018.

'S e Peter Gomez an sgiobair a bhios ann, le Ally Lamont na leas-sgiobair.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile