Cobhair ga dèanamh air dithis air Beinn Uais

Beinn Uais Image copyright Calum McRoberts/Geograph

Rinn heileacoptair nam Maor-Cladaich cobhair air dithis às dèidh dhaibh an slighe a chall air Beinn Uais - gun mhapa no combaist.

Chleachd an duine 's am boireannach à Siorrachd Obar Dheathain am fòn-làimhe aca airson gairm-èiginn a chur a-mach, ann an aimsir a choltaich an luchd-teasairginn ri meadhan a' Gheamhraidh.

Bha an dithis direach air mullach na beinne fhàgail Dihaoine an uair a chaidh iad air chall.

Bha frasan bitheanta geamhradail ann agus solas an là a' falbh.

Rinn buill Sgioba teasairginn Dhùn Dòmhnaill agus Maor-Chladaich Inbhir Nis cobhair air an dithis.

Fhuair sgioba heileacoptair lorg orra gu luath is iad air an lathadh leis an fhuachd.

Thuirt ceannard na sgioba-teasairginn, Dòmhnall MacRath, gun do thoisich an dithis a-mach ann an deagh sholas là a' smaoineachadh gun dèanadh iad an gnothach, ach chaidh an glacadh gun fhiosta an uair a dh'atharraich an aimsir, is gun goireas sam bith aca airson an t-slighe aca a lorg.

Thuirt e cuideachd gun robh deagh theansa ann nach biodh iad air maireachdainn beò tron oidhche air a' bheinn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile