Mi-chinnt aig Gàradh Airnis
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Aonaidhean aig BiFab deònach obair a dhèanamh a dh'aindeoin mì-chinnt mu phàigheadh

13 An t-Samhain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thuirt na h-aonaidhean ciùird a tha a' riochdachadh luchd-obrach BiFab ann am Fiobha agus Leòdhas gun cùm iad orra ag obair - a dh'aindeon 's nach eil cinnt ann an tèid am pàigheadh.

Dh'fhoillsich BiFab, a tha a' fastadh mu mhìle agus ceithir cheud eadar na gàraidhean aca ann am Burntisland agus Àranais, gu bheil iad a' beachdachadh air luchd-rianachd a ghairm a-steach ri linn trioblaidean le cùmhnant airson tuath-gaoithe Bheatrice.

Tha Aonghas Dòmhnallach air a bhith cumail sùil air na th'air a bhith tachairt, agus mhìnich e mar a thàinig cùisean chun na h-ìre seo.