Boireannach às a' Ghearasdan air a lorg

Dh'innis na Poilis gun deach boireannach às a' Ghearasdan a bha a dhìth a lorg slàn sàbhailte.

Chuannachas Yvonne Hill, 31, mu dheireadh ann an sgìre Uddingston ann an Siorrachd Lannraig a Deas mu 4:00f Didòmhnaich.

Thuirt na Poilis gun robh e neo-àbhaisteach dhi falbh gun innse dha teaghlach.

Tha iad a-nise air dearbhadh gun deach a lorg.