Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An t-Samhain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Atmhorachd

Sheall na figearan as ùire bho Oifis na Staitistig Nàiseanta nach tàinig atharrachadh sam bith air ìre na h-atmhorachd tron Damhair, agus i a' fuireach aig 3%. Bha faireachdainn ann gun tigeadh àrdachadh eile, ged a tha i aig an ìre as àirde bhon Mhàrt 2012. Ach tha Oifis na Staitistig Nàiseanta ag ràdh, a dh'aindeoin mar a chaidh prìsean bìdhe suas, gun tàinig lùghdachadh air a' chosgais a bh' ann airson connadh am measg eile aig a' cheart àm.

Sràid Downing

Coinnichidh am Prìomhaire, Theresa May, agus Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, feasgar aig Sràid Downing. Tha dùil gum bi na còmhraidhean eadar iad gu sònraichte a' coimhead air Brexit, air a' bhuidseat a th' air fàire an ath-sheachdain aig Westminster, agus cuideachd air atharrachaidhean a tha a' tighinn air siostam nan sochairean sòisealta.

Brexit

Tha seo a' tighinn agus Buill-Phàrlamaid gu bhith a' dèanamh mion-sgrùdaidh air a' bhile fo am bi Breatainn a' fàgail an EU. Bidh am bile gu sònraichte a' toirt a-steach mar a tha laghan Eòrpach gan gluasad gu laghan Bhreatainn ro Bhrexit. An-dè, dh'fhoillsich an Riaghaltas gum bi bhòt anns a' Phàrlamaid air aonta sam bith a thèid a dhèanamh leis a' Bhruiseil, ach chaidh innse do bhuill cuideachd gum bi an dùthaich fhathast a' fàgail an EU ged a bhòtadh iad an aghaidh aonta sam bith.

Crith-thalmhainn Ioran

Tha Ceann-Suidhe Ioran, Hassan Rouhani, a' tadhal air cuid de na sgìrean a dh'fhulaing an call as miosa bho chrith-thalmhainn anns an sgìre Là na Sàbaid. Chaill còrr air 400 neach am beatha sa chrith-thalmhainn, a bhuail air a' chrìch eadar Ioran agus Iorac, agus chaidh na mìltean dhaoine fhàgail gun dachaigh. Tha Mgr Rouhani air turas mar phàirt de là caoidh nàiseanta, agus e ag ràdh gun dèan an Riaghaltas na 's urrainn dhaibh airson taic a thoirt dhan phoball anns an sgìrean air an deach buaidh.

Na h-Ìnnseachan

Dh'fhaodadh gun tig adhartas an-diugh fhathast ann an cùis nan saighdearan Breatannach a chaidh a chur dhan phrìosan anns na h-Ìnnseachan an-uiridh. Bha Billy Irving à Earra-Ghàidheal am measg buidhne a bha a' cur dìon air soithichean coimearsalta bho spùinneadairean nuair a chaidh an cur an grèim. Thuirt a leannan, Yvonne McHugh, gu bheil i dòchasach gum faigh iad dachaigh ro àm na Nollaige.

Obar Dheathain

Chaidh ceathrar bhalach a chur an grèim ann am baile Obar Dheathain an dèidh mar a chaidh seann sgoil anns a' bhaile a mhilleadh le teine an-raoir. Bha mu 30 neach-smàlaidh an làthair aig an teine aig Sgoil Cordyce, aig àirde, agus thug e trì uairean de thìde dhaibh smachd fhaighinn air. Thèid aithisg mu na balaich - triùir dhiubh aig aois 15, gus balach eile aois 14 - a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin.