Sgeama ùr a thaobh iolairean-mara

Iolair-mhara Image copyright Cliff Reddick

Thèid craobhan a leagail ann an sgìre ann an Earra-Ghàidheal far a bheil dearbhadh ann gun do mharbh iolairean-mara uain.

'S iad Dualchas Nàdair na h-Alba a tha air an sgeama pìleat a chur air dòigh.

Leagaidh iad dà chraobh far an robh na h-iolairean a' neadachadh faisg air tuathanas tuath air an Òban.

Thuirt SNH gun deach rannsachadh a dhèanamh aig an làraich seo is gu bheil dearbhadh ann gun do dh'fhalbh iolairean le uain.

Tha iad an dòchas mura h-eil na h-eòin a' neadachadh faisg air na beathaichean, nach bi iad cho buailteach an ithe.

Deuchainnean

Thuirt an SNH gun cum iad sùil gheur air dè cho èifeachdach 's a bhios an sgeama.

Dh'innis a' bhuidheann cuideachd gu bheil iad a' coimhead ri sgeamaichean eile, nam measg eagal a chur air na h-iolairean le fuaim no solas.

Thuirt iad gu bheil rannsachadh ga dhèanamh aig tuathanasan ann an Earra-Ghàidheal agus anns an Eilean Sgitheanach feuch dè a' bhuaidh a bhios aig sgeamaichean den t-seòrsa seo air na h-iolairean.

"Tha sinne mothachail gu bheil draghan mòra air cuid de thuathanaich is croitearan mun bhuaidh a th' aig iolairean-mara air na beathaichean aca", thuirt Ross Lilley bho SNH.

"'S e eisimpleir a tha seo air co-obrachadh gus dèiligeadh ris na draghan sin agus aig an dearbh àm dèanamh cinnteach gu bheil na h-eòin iongantach seo air an dìon", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile