Còmhraidhean a' Mhòid

Còisir

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' dol a shireadh chòmhraidhean leis a' Chomunn Ghàidhealach airson dèanamh cinnteach gum bi am Mòd Nàiseanta Rìoghail a' tadhal air an sgìre gu tric.

Fo aonta eadar an Comunn agus a' Chomhairle, tha am Mòd a' tighinn dhan sgìre a h-uile trì bliadhna.

Bha a' Chomhairle a' gealltainn taic-airgid dhan Mhòd mu choinneimh sin.

Thig an t-aonta gu ceann às dèidh 2020, nuair a bhios am Mòd ann an Inbhir Nis.

Bidh am Mòd ann an Dùn Omhain ann an 2018 is ann an Glaschu ann an 2019.

Dh'innis an Comunn air a' mhìos seo chaidh gum bi Mòdan 2021 is 2022 ann am P`aislig is Peairt, ged nach eil cinnt ann fhathast air òrdugh nam Mòdan sin.

Thuirt Àrd-Oifigear a' Chomuinn, Iain Moireasdan, aig an àm gu bheil na planaichean Gàidhlig a tha ùghdarrasan ionadail a' dèanamh a' ciallachadh gur dòcha gun tèid am Mòd dhan Ghalltachd nas trice bho seo a-mach.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil am Mòd Nàiseanta air leth cudromach dhan sgìre - gu h-eaconamach agus gu culturail.

Tha iad an dùil còmhraidhean a chumail leis a' Chomunn Ghàidhealach airson coimhead air an t-slighe air adhart às dèidh 2020.

Thuirt An Comunn Gàidhealach gu bheil taic nan comhairlean air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan fìor chudromach dhaibh, 's gun cuir iad fàilte air còmhraidhean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile