Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An t-Samhain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

BiFab

Tha luchd-obrach aig a' chompanaidh einnsinnìridh BiFab, a' cumail caismeachd ann an Dùn Èideann an-diugh 's iad ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba a dhol an sàs gus an cuid obraichean a dhìon. Thuirt a' chompanaidh, aig a bheil gàrraidhean togail ann am Fìobha agus ann an Àranais ann an Leòdhas, gu bheil iad an impis a dhol ann an làmhan luchd-rianachd. Dh'iarr ceannardan aonaidh gun toir ministearan cuideachadh ann a bhith a' faighinn fuasglaidh san eas-aonta eadar BiFab agus a' chompanaidh Dhuitseach Seaway Heavy Lifting. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun dèan iad na 's urrainn dhaibh gus a' chompanaidh a shàbhaladh.

Zimbabwe

Tha dùil gun cùm ministearan Afraga a Deas còmhraidhean ann an Zimbabwe an-diugh às dèidh dhan arm smachd a ghabhail air an dùthaich an-dè. Thathas a' tuigsinn gun coinnich iad ris a' Cheann-Suidhe Mugabe, a thuilleadh air comanndairean airm. A rèir aithrisean bho Zimbabwe tha Mgr Mugabe agus a bhean Grace fo ghrèim nan dachaigh.

Tùr Ghrenfell

Dh'ainmich na Poilis ann an Lunnainn an àireamh dheireannach de dhaoine a chaill am beatha ann an teine Tùr Ghrenfell. Thuirt iad gun do bhàsaich 71 neach nuair a chaidh an tùr na smàl san Ògmhios. Rinn iad a-mach cuideachd gun d' fhuair aig 223 duine air teicheadh bhon teine.

Benedict Allen

Chaidh taisgealachd Bhreatannach a chaidh a dhìth ann an dlùth-choille ann am Papua New Guinnea a lorg beò agus falain. Bha Benedict Allen air a bhith a' siubhal leis fhèin 's e a' sireadh treubh Yaifo ris an do choinnich e airson a' chiad turais o chionn 30 bliadhna. Chunnacas e faisg air raon-laighe ann am Papua New Guinnea, 's thathas an dòchas heileacoptair fhaighinn thuige a-màireach.

Citylink

Chuir a' chompanaidh bhusaichean Citylink ìmpidh air daoine tiocaid a cheannach ro-làimh ma tha iad a' siubhal eadar Ulapul agus Inbhir Nis gus dèanamh cinnteach gum bi suidheachan aca air a' bhus. Tha seo a' tighinn agus dearbhadh air nochdadh gun tèid an t-aonta eadar Comhairle nan Eilean Siar, HITRANS agus Citylink mu bhith a' cur barrachd bhusaichean air dòigh ma tha iarrtas gu leòr ann a leudachadh gu deireadh na bliadhna gu bhith a' toirt a-steach Là na Sàbaid cuideachd.