Feòil air a goid sa Ghearasdan

Poileas Alba

Tha na Poilis a' sireadh fiosrachaidh às dèidh mar a chaidh na h-uimhir de dh'fheòil a ghoid sa Ghearasdan.

Dh'innis iad gun do thachair a' mhèirle aig Taigh-Smocaidh Leitir Fhionnlaigh aig Pàirce Ghnìomhachais na h-Annaid sa Chorpaich.

Chaidh bristeadh a-steach dhan togalach eadar 1:45f Dimàirt is 06:45m Diciadain.

Thuirt na Poilis gun robh feòil-mhairt, feòil-mhuice is sitheann am measg na chaidh a ghoid.

Dh'iarr iad air duine sam bith le fiosrachadh mun chùis fios a chur thuca.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile