Duaisean na Gàidhlig
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

An Dr Fionnlagh MacLeòid a' faighinn Duais Urram nan Gàidheal

16 An t-Samhain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cha bhi sgoiltean Gàidhlig buan às aonais obair aig ìre choimhearsachd, a rèir neach a tha air a bhith grunn bhliadhnaichean a' seasamh cor a' chànain.

Bha an Dotair Fionnlaigh MacLeòid a' bruidhinn 's e a' togail Duais Urram nan Gàidheal aig Duaisean na Gàidhlig ann an Glaschu oidhche Chiadain.

Am measg nan duaisean eile, thog Art MacCarmaig dhà - tè dha fhèin agus tè do Fhèisean nan Gaidheal.

Bha Iain MacDiarmaid aig a' chuirm.