Dòchas mu fhactaraidh sneachda a' Chàirn Ghuirm

Beinn a' Chàirn Ghuirm Earranta Image copyright Beinn a' Chàirn Ghuirm Earranta

Dh'innis Beinn a' Chàirn Ghuirm Eta gun tòisich iad deuchainnean le factaraidh sneachda an ath-mhìos.

Tha a' chompanaidh dìreach air cead-dealbhachaidh fhaighinn bho Chomhairle na Gàidhealtachd airson an teicneòlas fheuchainn gu h-eadar-amail.

Mairidh na deuchainnean dà mhìos.

Thuirt iad gum bi iad a' measadh cho freagarrach 's a tha an sneachda seo airson nan goireasan aca.

Iarraidh beachd cuideachd bho luchd-sgithidh is muinntir nam bòrd-sneachda.

Thuirt a' chompanaidh gum beachdaich iad air an teicneòlas a chumail san ùine fhada ma shoirbheachas leis an deuchainn.

Dòchas

Tha iad dòchasach gun dèan e feum mòr dhaibh.

"Tha sinn air ar dòigh gun tug Comhairle na Gàidhealtachd cead-dealbhachaidh dhuinn", thuirt Adam Gough bho Bheinn a' Chàirn Ghuirm Eta.

"Bha seusan truagh againn an-uiridh a thaobh sneachda is dh'fhaodadh an teicneòlas ùr seo cruth-atharrachadh a thoirt air a' ghnothach.

"Ma tha e soirbheachail, tha sinn dòchasach gun cuir gu mòr e ris an t-seirbheis a tha sinn a' tabhainn an seo", thuirt e.

Air a' mhìos seo chaidh, thuirt an duine leis a bheil balla deigh Cheann Loch Lìobhann gum feum ionadan spòrs a' Gheamhraidh ann an Alba barrachd airgid a chosg air sneachda a dhèanamh iad fhèin.

Thuirt Jamie Mac a' Ghobhainn gur e seo an aon dòigh a bhios na h-ionadan buan san àm ri teachd

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile