Coyle air a mhisneachadh

Owen Coyle is Brendan Rodgers Image copyright SNS

Thuirt manaidsear Ross County gu bheil e air a mhisneachadh le mar a chluich an sgioba an aghaidh Celtic, a dh'aindeoin 's gun do chaill iad.

Rinn Celtic an gnothach 1-0 ann an Inbhir Pheofharain le tadhal 12 mionaidean bho dheireadh a' gheama.

Thàinig an tadhal bho bhreab-saor Leigh Griffiths, a' chiad turas a rinn e sin bhon gheama ainmeil eadar Alba is Sasainn aig Hampden as t-Samhradh.

Ged a bha County glè fhaisg air puing, thuirt Owen Coyle gu bheil e air na h-uimhir a thoirt às a' gheama.

Oidhirp

"Chan eil e a' còrdadh ri duine sam bith geama a chall, ach thug na cluicheadairean againn a h-uile sian a th' aca seachad", thuirt Coyle.

"Ma chumas iad a' dol le sin - is cha bhi sinn a' cluich Celtic a h-uile seachdain - bidh cothrom againn tòrr phuingean fhaighinn.

"Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gum fuirich sinn aig an ìre aig an robh sinn Disathairne", thuirt e.

'S e turas a Dhùn Èideann a tha san amharc aig Coyle is County a-nise is iad a' cluich an aghaidh Hearts Disathairne.