Obraichean BiFab gan glèidheadh

Gàrradh Àranais

Chaidh aontadh a ruighinn air an deireadh-sheachdain a shàbhaileas na ceudan obraichean aig a' chompanaidh BiFab.

Dh'fhoilsich am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, Disathairne, gun deach còrdadh a ruighinn le diofar chompanaidhean a tha an sàs ann a bhith a' leasachadh tuath-gaoith Beatrice far chosta Ghallaibh, a tha a' ciallachadh nach tèid Bifab ann an làmhan luchd-rianachd.

Chaidh còmhraidhean a chumail an Dùn Èideann eadar ministearan riaghaltais agus a' chompanaidh Dhuitseach Seaway Heavy Lifting Eta.

Chaidh suim airgid a chomharrachadh eadar Seaway Heavy lifting, SSE agus JCE Offshore, a chuidicheas leis na duiligheadasan ionmhais a th' aig BiFab an-dràsta, agus a leigeas leotha cumail orra leis a' chùmhnant a th' aca airson tuath-gaoithe Bheatrice aig Gàrradh Àranais ann an Leòdhas, agus cuideachd na gàrraidhean a th' aca ann am Fìobha.

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba cuideachd gun toireadh iad iasad do BhiFab nam biodh sin a dhìth orra.

Thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gur e faochadh mòr a th' ann gun deach na h-obraichean aig Gàrradh Àranais a ghlèidheadh, agus gur e na bhios an dàin dhan chompanaidh BiFab san ùine fhada am prìomhachas a bhios ann a-nise.

Tuilleadh air an sgeulachd seo