Co-chomhairle croitearachd a' tighinn gu ceann

Baile Croitearachd

'S e Diluain an là mu dheireadh aig daoine airson beachdan a chur a-steach air mar a bu chòir dèiligeadh ri bile ùr croitearachd.

Tha Riaghaltas na h-Alba airson am bile ùr a thoirt air adhart sna mìosan a tha romhainn, an dèidh ghearainnean mu na laghan a tha a' cuairteachadh croitearachd an-dràsta.

Chuir buidheann de luchd-lagha a tha eòlach air lagh na croitearachd liosta de chòrr is 120 gearain mu dheidhinn chun an Riaghaltais, 's iad ag ràdh gum bu chòir na puingean sin atharrachadh no a cheartachadh.

Aig na taghaidhean Albannach mu dheireadh, fhreagair an SNP an liosta sin le gealltanas gun toireadh iad air adhart achd ùr croitearachd nan deadh an taghadh leotha.

Thathas a' sùileachadh gum bi an achd ùr air a stèidheachadh taobh a-staigh ceithir bliadhna eile.

Tha co-chomhairle air a bhith ga cumail mun chùis anns na seachdainn mu dheireadh, agus thig sin gu crìch aig meadhan oidhche Diluain (20mh Samhna).