Cuimhneachan air fàire do bhalach a bhàsaich le aillse

Hamish Hey Image copyright TeamHamish

Tha iomairt mhòr a' dol an Inbhir Narann gus airgead a thogail airson cuimhneachan a thogail air oir na tràghad sa bhaile do bhalach, ochd bliadhna de dh'aois.

Bhàsaich Hamish Fey ann an gàirdean a màthar na bu thràithe an dèidh dha a bhith a' fulaing le ailse.

Thòisich e a' faighinn rèidio-theiripe dìan, agus ceimo-theiripe aig aois dìreach dà bhliadhna, 's e air a dhearbhadh gun robh seòrsa tearc de dh'aillse air.

Image copyright TeamHamish

Chaidh cas fhuadain a chur air cuideachd, an dèidh obair-lannsa treòireachail.

Tha a theaghlach ag ràdh gun robh an uair sin trì bliadhna aige nuair nach biodh daoine air aithneachadh gun robh càil ceàrr air.

Chaidh e dhan sgoil, 's ruith e mun cuairt a' cluiche le a phiuthair nas sine.

Ach an-uiridh chaidh a dhearbhadh gun robh cnap air freumh eanchainne nach gabhadh leigheas.

Thuirt a màthair, Susan, a tha i fhèin a' fulaing le aillse, gun do dh'fhulaing e an dàrna cuairt de chùram aillse le gàire, 's gun robh e sona chun an deiridh.

Tha i an dòchas drochaid bogha-froise a chur an lùib a' chuimhneachain a tha san amharc aca, agus i ag ràdh gum faca iad bogha-froise a h-uile là airson dà sheachdain an dèidh a bhàis.