Seann bhuncair-cogaidh ga reic

Buncair cogaidh Image copyright Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Thogar am buncair ann an 1941

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' cur bhuapa buncair-cogaidh ann an Inbhir Nis a thogar ann an 1941.

Le ballachan agus mullach tiugh bhiodh am buncair fo-thalamh air seasamh ris na bomaichean a bu chumhachdaiche a bh' ann aig an àm.

Às dèidh a' chogaidh bhathas ga chleachdadh airson trèanadh bhall an RAF.

Chaidh leasachadh a dhèanamh air a' bhuncair anns na 1980an - aig àm a' Chogaidh Fhuar - airson an fheadhainn a bhiodh na bhroinn a dhìon bho ionnsaighean niuclasach no ceimigeach.

Feumaidh tairgsean airson a' bhuncair a bhith a-staigh ron 6mh là den Dùbhlachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile