Drogaichean, luach £25,00, air fhaighinn an Inbhir Nis

Fhuaireas drogaichean clas A, luach mu £25,000, ann an Inbhir Nis.

Chaidh heroin, MDMA, cocaine agus cainb fhaighinn ann an togalaichean ann an Lilac Grove agus Lomond Way Dihaoine seo chaidh.

Nochdaidh fireannach, aois 31, ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis.

Dh'iarr na Poilis air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu obair dhrogaichean fios a chur thuca, air an àireamh fòn 101, neo brath a chur gu Crimestoppers.