Taic a bharrachd ga h-iarraidh airson Àranais

Coinneamh
Image caption Riochdairean an GMB aig Àranais an t-seachdain seo chaidh.

Dh'iarr Comhairle nan Eilean Siar taic a bharrachd do Ghàrradh Àranais.

Dh'innis am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, air an deireadh-sheachdain gun deach aonta a ruighinn le diofar chompanaidhean a tha an sàs ann a bhith a' leasachadh tuath-gaoithe Beatrice far chosta Ghallaibh.

Tha sin a' ciallachadh nach tèid BiFab ann an làmhan luchd-rianachd.

Chuir Comhairle nan Eilean Siar fàilte air sin, ach leis a' chùmhnant a th' aig Àranais a thaobh Beatrice a' tighinn gu ceann tràth ann an 2018, tha iad ag ràdh gu bheil barrachd a dhìth.

Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba ro-innleachd a stèidheachadh airson ghàrraidhean na h-Alba, tha iad ag ràdh, gus na goireasan aca a leasachadh is obair a thàladh thuca.

"Ma tha sinn airson uidheamachd is bun-structar a' ghàrraidh a leasachadh, feumaidh Riaghaltas na h-Alba a bhith aig an stiùir", thuirt ceannard na Comhairle, Ruairidh MacAoidh.

"Brosnachadh"

"Bu chòir dhaibh companaidhean sam bith a tha an sàs ann an eaconamaidh na h-Alba a bhrosnachadh gus gàrraidhean na h-Alba a chleachdadh.

"Cuideachd, aig àm nuair a tha Àranais ann an suidheachadh car cugallach, bidh sinne ag iarraidh orra oidhirp a dhèanamh gus cuid den obair sin a chur a dh'Àranais.

"Feumaidh an obair a leantainn san ùine ghoirid, ach san ùine fhada feumaidh an Riaghaltas ro-innleachd a stèidheachadh airson ghàrraidhean na h-Alba - agus le taic bhon roinn prìobhaidich - ìre nan gàrraidhean a leasachadh.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne air BBC Radio nan Gàidheal Dimàirt, thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gu bheil aonta BiFab a' fàgail gu bheil "cothrom" a-nise aig Àranais cùmhnantan eile fhaighinn.

"Ma bhios companaidh a' tighinn le planaichean airson rudan a tha iad ag iarraidh, tha mi cinnteach gum bi Riaghaltas na h-Alba a' bruidhinn riutha mu dheidhinn sin", thuirt Mgr Allan.

"Tha ceistean ann, mar a tha an-còmhnaidh aig ìre na Roinn Eòrpa, mu thaic stàite, ach ma bhios companaidh a' tighinn air adhart agus a' dearbhadh gu bheil planaichean ann, tha mi cinnteach gum bi an Riaghaltas a' bruidhinn riutha mu dheidhinn sin", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo