Ceathrar sa chùirt mu thubaist air an A9

Tha dùil ri ceathrar bhoireannach ann an Cùirt an t-Siorraidh ann am Baile Dhubhthaich Dimàirt co-cheagailte ri tubaist-rathaid air an A9.

Thachair an tubaist feasgar na Sàbaid faisg air Baile Eoghainn nuair a bhuail càr Peugot agus bhan Ford Transit ri chèile.

Bha an dà charbad a' siubhal gu tuath aig an àm.

Thuirt Poileas Alba nach deach duine a dhroch ghoirteachadh san tubaist.

Mar phàirt den rannsachadh aca, tha Poileas Alba ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic an tubaist fios a chur thuca.