Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An t-Samhain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha e coltach gu bheil an Riaghaltas deònach suim airgid nas motha a thoirt dhan Aonadh Eòrpach airson Breatainn a thoirt a-mach às an EU cho fad 's gun tòisich còmhraidhean air aonta malairt a dh'aithghearr. Tha a' Bhruiseil ag ràdh gum feum aonta a bhith ann air an t-suim airgid sin mus tòisich còmhraidhean malairt, ach tha cuid de bhuill Tòraidheach mì-thoilichte 's iad ag iarraidh air an Riaghaltas loidhne nas cruaidhe a ghabhail anns na còmhraidhean, agus brath a ghabhail air suidheachadh poileataigeach na Gearmailt far an do dh'fhailich air an t-Seansalair Angela Merkel co-bhanntachd riaghlaidh a stèidheachadh.

Zimbabwe

Tòisichidh am pàrtaidh riaghlaidh ann an Zimbabwe, Zanu PF, air casaidean a thogail an-diugh an aghaidh a' Chinn-Suidhe Robert Mugabe, a tha a' diùltadh an dreuchd fhàgail. Bidh iad a' fàgail air Mgr Mugabe nach do sheas e bun-reachd na dùthcha, agus gun tug e cus chumhachd dha a bhean, Grace.

Èirinn a Tuath

Dh'fhàg ceannard Phàrtaidh Dheamocrataich an Aonaidh, Arlene Foster, air Sinn Féin gu bheil iad air a bhith "a' glòrachadh ceannairc" le am briathran bho chionn ghoirid, agus gu bheil sin ga dhèanamh nas doirbhe fèin-riaghladh a stèidheachadh ann an Èirinn a Tuath a-rithist. Bha ise a' bruidhinn an dèidh chòmhraidhean aig Sràid Downing an-diugh ris a' Phrìomhaire, Theresa May, a bhios a' bruidhinn an-diugh fhathast ri riochdairean Sinn Féin.

Iasgair

Tha luchd-teasairginn a' coimhead an-diugh a-rithist airson iasgair air nach eil sgeul air taobh siar Rois. Chaidh fios air na seirbheisean èiginn feasgar an-dè gun deach bàta air tìr beagan deas air a' Chomraich leis an einnsinn a' dol agus gun duine air bòrd. Tha bàtaichean-teasairginn à Port Rìgh agus às a' Chaol, heileacoptair Mhaor-Cladaich Steòrnabhaigh agus bàtaichean às an sgìre uile a-muigh a' coimhead air a shon.

Nigeria

Chaidh mu 50 duine a mharbhadh ann an Nigeria nuair a thug bomair fèin-mhairbhteach ionnsaigh air mosg ann am baile Mubi ann an ceann an ear-thuath na dùthcha. Chaidh deugachadh eile a ghoirteachadh san spreadhadh.

Gas

Nì Ineos, a' chompanaidh dham buin glanadair ola Inbhir Ghràinnse, rannsachadh airson gas ann an uisge domhain mu cheud mìle tuath air Sealtainn. Ma thèid leotha tha e coltach gum fosgail e raointean mòra gas is ola san sgìre sin a' cleachdadh lìonra phìoban ùir air grunnd na mara.

Easyjet

Thàinig prothaidean bliadhnail Easyjet a-nuas mu 17% gu £408m. Thuirt a' chompanaidh adhair gun do chaill laigse an Not mu £100m dhaibh, ach gun do rinn iad gu math nas fheàrr air na trì mìosan mu dheireadh le trioblaidean Ryanair, a tha a' farpais riutha.