Loighne-rèile dùinte dà thuras taobh a-staigh 24 uairean

Maoim-slèibhe Image copyright ScotRail
Image caption Tha uidheamachd sònraichte ga thoirt a-steach airson an sprùilleach a thoirt air falbh

Chaidh an loighne-rèile eadar Inbhir Nis agus a' Chaol a dhùnadh dà thuras taobh a-staigh 24 uairean a thìde.

Chaidh milleadh a dhèanamh air trèana nuair a thuit suas ri 40 tonna de sprùilleach ann am maoim-slèibhe faisg air Bun Chraobh oidhche Mhàirt.

Chaidh an loidhne-rèile eadar Inbhir Nis agus a' Mhanachainn a dhùnadh às dèidh na maoim-slèibhe.

Cha deach duine a ghoirteachadh.

Dìreach às deidh dhaibh an sprùilleadh a' thoirt air falbh bho Bhun Chroabh, chaidh drochaid-rèile eadar Achadh na Sìne agus Achadh na Sealladh a bhualladh le làraidh 's b'fheudar an loighne a dhùnadh a-rithist.

Bha buaidh aig maoim-slèibhe eile faisg air an Inbhir Ùige madainn Diciadain air seirbheisean rèile eadar am baile sin agus Inbhir Nis.

A' cur brath air Twitter feasgar diciadain, thuirt Scotrail gu bheil na loighnichean a nise fosgailte.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile