£38,500 ga thoirt seachad le Stòras an Fhearainn

Glumagan nan Sìthichean Image copyright John Allan/Geograph
Image caption Thèid pàirce-chàraichean nas motha a thogail aig an làraich

Gheibh buidheann choimhearsnachd anns an Eilean Sgitheanach £38,500 bho Stòras an Fhearainn airson an raon-parcaidh aig Glumagan nan Sìthichean a cheannach.

Aig toiseach na mìos, thug Coimisean na Coilltearachd ann an Alba cead do Chomataidh Talla Mhinginis an raon-parcaidh ri taobh Ghlumagan nan Sìthichean a cheannach, air prìs nas saoire.

Leigidh an t-airgead seo leis a' bhuidhinn raon-parcaidh nas motha a thogail - 's àrdachadh mòr air tighinn air na tha de dhaoine a' tadhal air an làraich.

Bidh iad cuideachd a' coimhead ri taighean-beaga a chur air dòigh dhaibh.

Thuirt Julie Burnett bhon bhuidhinn gum bi an leasachadh na bhuannachd an dà chuid dha luchd-turais, 's goireasan nas fheàrr ann dhaibh, agus cuideachd do mhuinntir an àite 's mòran ghearainnean ann mu cho tachdte 's a tha an sgìre nuair a tha seusan na turasachd aig àirde.