Airgead do bhuidhnean ann an Earra-Ghàidheal

Fhauir dà bhuidhinn ann an Earra-Ghàidheal is Bòd airgead mòr bho Stòras Fearainn na h-Alba.

Gheibh Urras Leasachaidh Thiriodh sealbh air Ionad Haoidhinis anns an eilean, le maoineachadh de £154,370.

Chaidh an t-àite a thogail anns an 19mh mar àite-còmhnaidh dhan fheadhainn a bha a' togail taigh-solais an Sgeir Mhòir.

Tha e a-nis na ionad taisbeanaidh le àitean-fuirich do luchd-turais.

Gheibh cuideachd Buidheann Ath-Chuairteachaidh Dhiùra 's Ìle £289,389 airson coille ann an Ìle a cheannach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile