Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An t-Samhain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Buidseat

Tha Riaghaltas na h-Alba a' dèanamh sgrùdaidh an-diugh air dè tha buidseat Westminster an-dè a' ciallachadh dhaibhsan. Ged a tha barrachd roghainn ann airson cosgais chalpa, tha gearradh anns an t-suim airson seirbheisean poblach, le tomhas gu bheil sin faisg air £300,000 - rud a tha a' ciallachadh gum feum ministearan na h-Alba co-dhùnadh an cuir iad cìsean suas mu choinneimh sin. Tha buill Tòraidheach air a bhith a' cur taic ri buidseat an t-Seansalair, Philip Hammond, ged a tha na Làbaraich ag ràdh nach eil tuigse aige air beatha dhaoine àbhaisteach.

Holyrood

Gheibh ceannard ùr nan Làbarach, Ridseard Leonard, cothrom an-diugh ceistean a chur airson a chiad uair air Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon. Bidh Mgr Leonard a' bruidhinn an dèidh ceannard nan Tòraidhean, Ruth Davidson, aig ceistean Holyrood, agus a h-uile dùil gum bi deasbad an sin air a' bhuidseat.

Zimbabwe

Thug Ceann-Suidhe ùr Zimbabwe, Emmerson Mnangagwa, taing dhan t-sluagh airson an taic dha aig òraid anns a' phrìomh bhaile, Harare. Thuirt e gum feum iad a-niste cosnadh a chruthachadh, agus eaconamaidh na dùthcha a thogail. Gabhaidh Mgr Mnangagwa a bhòidean mar cheannard a-màireach, 's tha aithrisean ann gun deach gealltainn dhan t-seann Cheann-Suidhe, Robert Mugabe, mar phàirt den aonta fo an do dh'fhalbh e, nach tèid casaidean a thogail na aghaidh.

Smocadh

Tha eòlaichean slàinte ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba strataidsidh nàiseanta ùr a dhealbh a bhrosnaicheas daoine gu sgur a smocadh. Tha iad ag iarraidh bun-phrìs air tombaca 's iad ag ràdh gu bheil sgrùdadh a rinn iad a' sealltainn nach tàinig atharrachadh mòr sam bith fad ceithir bliadhna air na h-àireamhan a tha a' smocadh.

Dementia

Tòisichidh rannsachadh neo-eisimeileach anns an Fhaoilleach air tinneasan mar Dementia am measg chluicheadairean proifeasanta ball-coise. Tha Comann Ball-Coise Shasainn agus Comann nan Cluicheadairean Proifeasanta air eòlaichean fhastadh a nì coimeas eadar slàinte-inntinne agus bodhaige 15,000 seann chluicheadair, agus slàinte an t-sluaigh anns an fharsainneachd.

Caladh Steòrnabhaigh

Bidh deuchainn ann an Caladh Steòrnabhaigh a dh'fhaicinn an gabh tuilleadh doimhneachd faighinn an sin. Tha Ùghdarras Port Steòrnabhaigh ag ràdh gu bheil seo bunaiteach dha na planaichean leasachaidh aca, agus iad an dòchas goireasan nas fheàrr a thoirt do bhàtaichean bathair agus soithichean luchd-turais nas motha.