Rabhadh mu dheigh

An Slochd
Image caption Bhuail làraidh agus càr na chèile air an A9 Diardaoin

Tha Oifis na Sìde air rabhadh a sgaoileadh mu dheigh, às dèidh sneachd madainn Dhiardaoin.

Bhuail càr agus làraidh na chèile air an A9 deas air Aghaidh Mhòir, far an robh mu 5cm de shneachd.

Thuirt na Poilis nach deach duine a dhroch ghoirteachadh.

Chaidh an A9 a dhùnadh aig Bràigh Bhearghadail ann an Gallaibh sa mhadainn an dèidh tubaist le làraidh.

Thug maoim-slèibhe faisg air Inbhir Ùige buaidh air seirbheisean rèile eadar am baile sin agus Inbhir Nis.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile