Crìonadh sa Ghaeilge air Ghaeltacht

Clas-sgoile
Image caption 'S e a crìonadh air Ghaeltacht a tha a' dèanamh dragh dha luchd-strì a' chànain

Tha an àireamh dhaoine a tha a' bruidhinn na Gaeilge gu làitheil ann an Gaeltacht na h-Èireann air tuiteam gu mòr ann an còig bliadhna - a reir figearan a' chunntais-shluaigh a chaidh fhoillseachadh Diardaoin.

Tha cunntas-sluaigh ga chumail ann an Èirinn gach còig bliadhna, agus sheall figearan airson 2016 nach robh ach mu 20,500 duine ann an Gaeltacht na h-Èireann a' bruidhinn a' chànain gach là - sin lùghdachadh de chòrr air 10% bho 2011.

Fhreagair dà thrian de shluagh na Gaeltacht gu robh iad comasach air a' chànan a bhruidhinn.

Coimhearsnachd Ghàidhealach

Ged nach robh mòran atharrachaidh anns na figearan airson Èirinn gu lèir, le cha mhòr 74,000 duine (1.7% dhen t-sluagh) ag ràdh gum biodh iad ga bruidhinn gu làitheil, tha figearan na Gaeltacht a' dèanamh dragh do dhaoine a tha a' strì às leth a' chànain.

Thuirt an t-Oll. Conchúr Ó Giollagáin, a tha na Stiùiriche air a' bhuidhinn-rannsachaidh Soillse, gur e dearbhadh a tha seo gu bheil a' choimhearsnachd Ghàidhealach ann an Èirinn fhathast a' crìonadh.

"'S e proiceas eachdraidheil a tha seo agus a' cheist mhòr a-nis - a bheil an ro-innleachd agus an dòigh-obrach againn, a bheil sin làidir gu leòr airson taic a thoirt dhan choimhearsnachd Ghàidhealaich a th' againn?"

"'S dòcha gum feum poileasaidh ùr a bhith againn a tha ag amas gu dìreach air a' choimhearsnachd - am poileasaidh a th' againn an dràsta, 's e measgachadh a th' ann - tha sinn ag iarraidh a bhith a' toirt taic dha luchd-ionnsachaidh na Gaeilge agus a' choimhearsnachd Ghàidhealach aig an aon àm agus tha a' choimhearsnachd Ghàidhealach a' tuiteam air sàilleimh sin. "