Taic do sgrìobhadairean ùra

Leabhraichean
Image caption Tha an sgeama ag amas air sgrìobhadairean ùra a bhrosnachadh.

Tha tòrr sgrìobhadairean Gàidhlig ùra air nochdadh bho chionn ghoirid, agus, do chuid dhiubh, 's e gu bheil barrachd taic ann dhaibh.

Bho 2010, tha Comhairle nan Leabhraichean air a bhith a' ruith sgeama gus trèanadh is comhairle a thoirt dhan fheadhainn as fheàrr, agus tha 16 duine air tighinn tron sgeama sin thuige seo.

Cha bheag na cuspairean mun do sgrìobh iad - eadar bàrdachd, leabhraichean-siubhail agus leabhraichean cloinne.

Tha Comhairle nan Leabhraichean a-nis a' sireadh thagraidhean airson sgeama na h-ath-bhliadhna.

Brosnachadh

'S i Màiri NicCumhais a tha os cionn na sgeama, agus thuirt i gur e brosnachadh a thoirt do sgrìobhadairean ùra a tha fa-near dhaibh.

"'S e am beachd a th' ann a bhith a' cumail taic ri daoine nach robh riamh a' sgrìobhadh gu proifeiseanta, ach gu bheil beachdan math aca agus gu bheil iad a' smaoineachadh gu bheil liut aca air sgrìobhadh, agus tha sinn dìreach airson a bhith gam brosnachadh agus gam misneachadh gus cumail a' dol agus aig a' cheann thall a' feuchainn ri leabhar fhaighinn ann an clò".

Tha Eòghan Stiùbhairt am measg na ghabh pàirt anns an sgeama an-uiridh.

"Bha mi a' coimhead airson barrachd taic dha mo chuid sgrìobhaidh, ach bha mi cuideachd airson rud beag dearbhaidh fhaighinn nach robh mi a' sgrìobhadh sgudail!"

Am-bliadhna, fhuair e an dàrna àite ann an duais Dhòmhnaill Meek.

Thuirt e gum feumar a-nis barrachd dhaoine a thàladh gu bhith a' leughadh leabhraichean Gàidhlig.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile