Geàrr-chunntas air naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An t-Samhain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Clutha

Bidh rannsachadh tubaist bhàsmhoir ann an ath-bhliadhna mu bhàs dheichnear nuair a thuit helicopter poilis air taigh-seinnse a' Chlutha ann an Glaschu ann an 2013. Tha còrr 's dà bhliadna ann bho thuirt Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Adhair gur e mearachd a rinn am pìleat le siostam connaidh an itealain a bu choireach. Leig Oifis a' Chrùin fhaicinn cuideachd bho chionn ghoirid nach bi casaidean eucoir anns a' chùis.

EU

Dh'iarr Theresa May a-rithist air an Aonadh Eòrpach còmhraidhean Brexit a ghluasad air adhart bhon chiad ìre gu còmhradh mu aonta malairt. Bha am Prìomhaire a' bruidhinn sa Bhruiseal far a bheil àrd-choinneamh an EU agus dùthchannan caidreabhach thaobh sear na h-Eòrpa, far an coinnich i ri Ceann-suidhe na Comhairle Eòrpaich, Dòmhnall Tusk.

Zimbabwe

Ghabh Emmerson Mnangagwa a bhòidean mar cheann-suidhe ann an Zimbabwe, air beulaibh sluagh mòr aig stèidium spòrs nàiseanta na dùthcha anns a' phriomh bhaile, Harare. Cha robh an t-seann cheann-suidhe, Raibeart Mugabe, an làthair.

Pistorius

Chaidh còrr is dùblachadh air a' bhinn prìosain air an luth-chleasaiche Oilimpiceach agus Para-limpiceach , Oscar Pistorius, 'son a leannan a mhurt. Thuirt Prìomh Chùirt an Ath Thagraidh ann an Afraiga a Deas gum bi e trì bliadhna deug agus còig miosan sa phrìosan 'son losgadh le gunna air Reeva Steenkamp aig an dachaigh ann am Pretoria anns a' Ghearran ann an 2013.

Seirbheisean slàinte

Tha luchd-iomairt ann an Gallaibh ag ràdh gu bheil dùnadh rathad an A9 san sgìre an t-seachdainn seo le sneachd a' dearbhadh gu feum seirbheisean slàinte a ghlèidheadh san sgìre. Dh'iarr iad air NHS na Gàidhealtachd gearradh air ais cho mòr 's urrain dhaibh air an àireimh de mhuinntir na sgìre a dh'fheumas siubhal gu seirbhisean slàinte ann an Inbhir Nis.

Gàidhlig

Tha ollamh Èireannach ag ràdh leis mar a tha luchd-labhairt làitheil na Gaeilge air a' Gaeltacht an sin air crìonadh gu mòr ann an còig bliadhna, gu bheil cunnart gun tachair an aon rud anns na sgìrean Gàidhealach an seo mar a tèid poileasaidhean atharrachadh. Sin beachd an Ollaimh Conchúr Ó Giollagáin, a tha na stiùiriche air a' bhuidhinn rannsachaidh Soillse an seo an Alba.