Fianais ùr mu mhurt Inbhir Narann

Alistair agus Veronica NicUilleim Image copyright Police Scotland
Image caption Chaidh Alasdair a mhurt le fear-gunna air stairsich a dhachaigh ann an Inbhir Narann ann an 2004.

Chaidh fianais ùr fhoillseachadh leis a' BhBC ann an cùis mhuirt Alasdair MhicUilleim.

Tha na Poilis air fiosrachadh a thoirt seachad mun chèis a chaidh a thoirt don bhancair mus deach losgadh air taobh a-muigh a dhachaigh ann an Inbhir Narann, bho chionn 13 bliadhna.

Cha deach fuasgladh fhaighinn air a' chùis riamh.

Air an 28mh là den t-Sutlain 2004 thàinig fireannach mu 30 no 40, gu dachaigh Alasdair MhicUilleim.

Dh'fhaighnich an duine air bean Alasdair, Veronica, bruidhinn ris.

Nuair a nochd e chaidh cèis a thoirt dha, agus thill e a bhruidhinn mu dheidhinn ri a bhean.

Thuirt na Poilis airson a' chiad uair gur e cèis liath a bh' ann mar a bhiodh ann airson cola-breith, agus an t-ainm Paul air.

Nuair a thill Alasdair MacUilleim tilleadh chun na starsaich a dh'fhaicinn an robh an duine fhathast ann, loisg an duine air le gunna, ga mharbhadh.

Chaidh an gunna a chaidh a chleachdadh a lorg ann an drèana beagan cheudan shlatan air falbh.

Dh'fhoillsich na Poilis gun deach 11 ghunna den aon sheòrsa a lorg ann am Breatainn - gunnaichean a bh' ann ron Dàrna Cogadh - agus dhà dhiubh annn an Inbhir Narann a tha iad den bheachd a dh'fhaodadh a bhith cudromach.

Thuirt Veronica NicUilleim gu bheil an teaghlach fhathast a' feitheamh fhreagairtean.