Ath-sgrùdadh ga iarraidh air seirbheisean slàinte Ghallaibh

Caismeachd
Image caption Thog na mìltean fianais mu sheirbheisean slàinte ann an Gallaibh anns an Dàmhair.

Thèid iarraidh air bòrd-stiùiridh NHS na Gàidhealtachd Dimàirt tòiseachadh air ath-sgrùdadh air seirbheisean ann an Gallaibh gus cosgaisean a lùghdachadh.

Tha seo a' tighinn agus àireamhan ùra a' sealltainn gu bheil dùil gun tèid an t-ùghdarras £19m thairis air a' bhuidseat aca.

Ann an aithisg a thèid mu choinneimh bhòrd-stiùiridh NHS na Gàidhealtachd, tha manaidsear a' chinn a tuath, Michelle NicIain, ag ràdh gu bheilear a' dol thairis air buidseat Ghallaibh tric agus gu susbainteach.

Thuirt i nach eil an dòigh obrach a th' ann maireannach.

Thuirt i gu bheil seirbheisean air an toirt seachad ann an grunn àiteachan agus gu bheil cus cuideam air na th' ann de leapannan ann an ospadalan agus gum feum barrachd dhaoine a bhith air an cuideachadh bhon dachannan fhèin.

Cuideachd, thuirt i gun deach na tha ga chosg air luchd-obrach locum suas faisg air 1000% ann an ceithir bliadhna.

Thuirt i gun robh i a' gabhail ris gu bheil bruidhinn mu atharrachaidhean air dragh a chur air luchd-obrach agus muinntir na sgìre agus gu bheil feum air co-obrachadh nas fharsainge le barrachd stiùir bho cheannardan leigheis.