Barrachd bhìobhairean do Chnapadal

Bìobhair Image copyright Gareth Fuller
Image caption Tha inbhe dhùthchasach aig a' bhìobhair gu h-oifigeil an Alba a-niste, an dèidh dhaibh a dhol à bith san dùthaich seo bho chionn 400 bliadhna.

Chaidh trì bìobhairean a bharrachd a leigeil ma sgaoil ann an Cnapadal.

'S iad a' chiad fheadhainn a chaidh a leigeil ma sgaoil an Alba bho thug Riaghaltas na h-Alba inbhe dhùthchasach don bhìobhair, an dèidh dhaibh a dhol à bith san dùthaich o chionn 400 bliadhna.

Tha sgeama pìleat air a bhith a' dol bho 2009, le sgrùdadh ga dhèanamh feuch dè a' bhuaidh a thug bìobhairean a chaidh a leigeil ma sgaoil ann an Cnapadal air an àrainneachd.

Bhon uair sin chaidh feadhainn eile a sgaoileadh, gun chead, air Uisge Tatha.

Tha am pròiseact a-niste ag amas air co-dhiù còig pheadhair briodaidh a stèidheachadh ann an Cnapadal.

Thuirt Comann Sù-Eòlach Rìoghail na h-Alba gu bheil na beathaichean a' gabhail gu math ris an àrainneachd ùir aca.

Tha dùil gun tèid tuilleadh bhìobhairean a leigeil ma sgaoil anns an sgìre, aig ceann a tuath Chinn Tìre, an ath-bhliadhna.