Obair air tòiseachadh air Drochaid Abhainn Mhòrair

Drochaid Mhòrair Image copyright Nigel Brown, Geograph

Tha obair-càraidh luach còrr air £1m air tòiseachadh air an A830 Drochaid Abhainn Mhòrair.

Thèid còmhdach sònraichte a chur oirre airson a dìon.

Chaidh a' chiad siostam peanta air an drochaid nuair a chaidh a togail ann an 1994, agus chaidh a ràdh gum bu chòir dhan chòmhdach ùr a dìon airson iomadh bliadhna.

Bidh sgafallan an sàs airson na h-obrach, agus bidh aon taobh dhen drochaid dùinte air sgàth sàbhailteachd.

Bu chòir dhan obair a bhith deiseil ro dheireadh a' Mhàirt.

Thuirt riochdaire BEAR Scotland airson iar-thuath na h-Alba, Eddie Ros, gum bi a' phròiseact seo a' ciallachadh gum bi an drochaid sàbhailte airson deicheadan.

Bha e ag ràdh gun roghnaich iad an obair a dhèanamh tron gheamhradh gus nach cuireadh iad cus maill air daoine, is an sgìre trang le luchd-turais as t-samhradh.